Naidheachd

News


6th Apr 2007

Cuirmean ùra airson 2007 / New Live Dates For 2007

Tha Julie air a dòigh innse gu bheil i a’ dol a bhith a’ seinn grunn chuirmean eile ann an 2007 – nam measg sin, a’ chuid as motha dhe na prìomh fhèisean ciùil agus cuideachd bidh i a’ cur taic ri Beth Nielsen Chapman anns an t-Samhain. Nach tèid thu a choimhead air duilleag nan cuirmean-ciùil airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn.

Julie is delighted to announce a bunch of new live dates for 2007 - including most of the major music festivals and a support slot with Beth Neilsen Chapman in November. Head over to our tour section for all the details.

2nd Apr 2007

NAIDHEACHDAN 2mh dhen GHIBLEAN 2007 / NEWS APRIL 2nd

 Tha an clàr ùr "cuilidh" aig Julie a’ dèanamh fìor mhath, ‘s gun e ri fhaighinn anns na bùithean ach bho chionn seachdain:

- Àireamh 15 ann an Amazon Bestsellers (de gach seòrsa ciùil)
- Àireamh 2 ann an earrann Folk/Ceòl na Cruinne aig Amazon
- Ann am prìomh dheich nan iTunes.

Julie's new album "cuilidh" is doing exceptionally well, having only been released a week ago:

- No 15 in Amazon Bestsellers (across all genres)
- No 2 in Folk/World section in Amazon
- In iTunes top 10

Bha Julie agus na balaich air an T.Bh. aig an deireidh-sheachdain - Julie was on Andrew Marr's morning show on Sunday. You can watch again here - Julie is the last thing on the show.

Bidh Julie air am program aig Mark Radcliff a-nochd, Travelling Folk air BBC Radio Alba Diardaoin agus air am program aig Andy Kershaw an t-seachain seo cuideachd. Julie will be in session on Mark Radcliffe (BBC Radio 2) tonight (Monday 2nd April) (http://www.bbc.co.uk/radio2/shows/radcliffe/) and Andy Kershaw (Radio 3) this week as well as Travelling Folk on BBC Radio Scotland on Thursday night.

AGUS bha "culidh" clar na seachdain ann an Eirinn an t-seachdain seo anns an Irish Times. "cuilidh" was also Irish Times Album Of The Week this week.

8th Mar 2007

NAIDHEACHDAN – 7mh dhen Mhàrt / NEWS - March 7th

S e deireadh-seachdain air leth trang a th’ air a bhith ann le consairtean ann an Glaschu agus ann an Uibhist a Tuath gus an clàr ùr a chur air bhog. Chaidh a h-uile rud gu math agus bha spòrs agus fealla-dhà gu leòr ann. Bu thoil le Julie agus Eamon taing a thoirt dhan h-uile duine a thàinig a-mach gus taic a chur riutha! Feumar taing a thoirt dha na daoine a chuidich gus na consairtean a chur air dòigh – tha tuilleadh ’s a chòir agaibh ann, ach taing mhòr dhuibh uile, gu h-àraid do Rona agus do dh’Ùisdean. Rinn Julie & Eamon air Glaschu an uairsin far an robh iad a’ dèanamh clàradh airson pròiseact le Magaidh NicAonghais air a bheil “Òran na Mna”. ’S e pròiseact inntinneach a tha seo a tha a’ coimhead air buaidh nam boireannach ann an òrain Ghàidhlig. Bidh seo air a’ chraoladh nas fhaide air adhart air a’ bhliadhna. Am measg nam feadhainn eile a bha ann bha Màiri Nic a’ Ghobhainn, Karen NicMhathain, Flòraidh NicNèill, Alyth NicCarmaig, Màiri Mhoireasdan agus Kathleen NicAonghais.

Tha tòrr chuirmean eile a’ tighinn a-steach airson an t-samhraidh – innsidh sinn dhuibh mun dèidhinn cho luath agus as urrainn dhuinn.

Cuideachd – tha lèintean-t ùr "cuilidh" a-nis anns a’ bhùth! Nach coimhead thu orra, agus air na balaich chomasach a bhios gan dèanamh dhuinn aig Streak Clothing.

Barrachd ri thighinn ann an ùine nach bi fada...


It's been a busy weekend of launch concerts in Glasgow and North Uist. A great time was had by all, and Julie and Eamon would like to thank all the folk who came out and supported them! Thanks are also due to all the people who helped set up the launches - too many to mention everyone, but our sincere thanks to you all, especially Rona and Uisdean. Julie & Eamon headed to Glasgow then, where they filmed for a project by Maggie McInnes called "Oran na Mna". This is an interesting idea which explores the concept of the role of women in Gaelic song, which will be broadcast later in the year. Also involved were the lovely Mary Smith, Karen Matheson, Flora MacNeil, Alyth MacCormack, Mairi Morrison and Kathleen MacInnes.

Lots of dates coming in for the summer - we'll keep you informed as soon as we get the go ahead to announce them.

Also - new "cuilidh" t-shirts have been added to the store! Check them out, and the talented lads who produce them for us at Streak Clothing.

More news soon...

27th Feb 2007

Welcome to my new website!

Fàilte chun an làraich-lìn agam! Tha min dòchas gun còrd e ruibh. Tha mi toilichte gu bheil an clàr ùr againn a-nis deiseil, agus tha deireidh-sheachdain trang gu bhith againn air an dàrna ‘s an treas latha den Mhàrt, a’ foillseachadh a’ chlar ùr “cuilidh”. Bidh sinn aig “Ceòl ‘s Craic” ann an Glaschu air oidhche Haoine agus ann an Talla Chàirinis air Oidhche Shathairne.

Hallo and welcome to the new site! Hope you like the new look. You can hear tracks from the new album “cuilidh” on the player above, read about who we are and what we’re up to. You can even purchase an album if you want to! (You can pre-order a sneaky copy of the new record – it’s not out officially until March 26th). If you’re interested in the songs I sing, check out our wee “Songs” section, which will tell you all about the songs, where they come from, and what the words are in both Gaelic and English. Visit the guestbook if you have time and leave us a message – we love to hear from you! Anything else you would like to see here – let us know. Hope the sun is shining wherever you are. Lots of love Julie xxx

Machair Records Releases

Uam album cover
Artist: Julie Fowlis
Title: UAM (From Me)
Year: 2009

Buy UAM at juliefowlis.com
dual album cover
Artist: Éamonn Doorley / Muireann Nic Amhlaoibh / Julie Fowlis / Ross Martin
Title: dual
Year: 2008

Buy Dual at juliefowlis.com
cuilidh album cover
Artist: Julie Fowlis
Title: cuilidh
Year: 2007

Buy cuilidh at juliefowlis.com
Mar A Tha Mo Chridhe album cover
Artist: Julie Fowlis
Title: Mar A Tha Mo Chridhe
Year: 2005

Buy Mar A Tha Mo Chridhe at juliefowlis.com